Tuilleadh chùisean de Chovid-19 air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Cille ChreagainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

B' ann o chionn seachdain a chaidh na ciad chùisean den bhìoras a dhearbhadh ann an Cille Chreagain

Tha na tha de chùisean Chovid-19 ann an clustair an Earra-Ghàidheal air èirigh bho 13 o chionn seachdain gu 27.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur ann ceangailte ri tachartas prìobhaideach aig cluba bòbhlaidh ann an Cille Chreagan a tha a' mhòr-chuid de na cùisean.

Tha Bòrd na Slàinte a' lorg feadhainn a bha faisg air na daoine air an deach am bhìoras a dhearbhadh.

Am measg a' chlustair tha dithis sgoilearan aig Bun-Sgoil Chille Chreagain. Tha an sgoil fhathast fosgailte do sgoilearan eile, leis na sgoilearan air an deach a dhearbhadh gan cumail aig an taigh.

"Tha e cudromach nach fàs sinn coma-co-dhiù mu dheidhinn seo, 's gun cùm sinn ris an stiùireadh nàiseanta gus sinn uile a chumail sàbhailte," thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dr Tim Allison.

"Tha seo a' gabhail a-steach astar a chumail bho chàch, còmhdach aodainn a bhith oirnn 's sinn ann an àiteachan dùinte, làmhan agus uachdaran a ghlanadh gu cunbhalach, agus a bhith gad chumail fhèin air falbh bho chàch ma thig comharran a' bhìorais ort."

Tha cùisean air nochdadh ann an sgìrean eile den Ghàidhealtachd cuideachd, le sgoilear ann an Dòrnach air dearbhadh fhaighinn, agus sgoilear ann an S6 aig Àrd-Sgoil Gheàrrloch.

Chaidh iarraidh air sgoilearan uile ann an S4-S6 fuireach aig an taigh fad cola-deug.

Faodaidh sgoilearan eadar S1 agus S3 tighinn dhan sgoil ma tha iad fallain.

Chaidh dithis de luchd-obrach taigh-bìdhe Ionad Ghàirnealaireachd Simpson's ann an Inbhir Nis a dhearbhadh leis a' bhìoras cuideachd, 's tha an taigh-bìdh a-niste dùinte fad cola-deug, 's glanadh domhain ga dhèanamh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach robh an dithis a' coinneachadh ris a' phoball nan cuid obrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo