Margaidh Bhictorianach dùinte ri linn Covid-19

  • Air fhoillseachadh
A' Mhargaidh BhictorianachTùs an deilbh, Colin Smith/Geograph

Chaidh a' Mhargaidh Bhictorianach ann an Inbhir Nis a dhùnadh airson glanadh mionaideach a dhèanamh is ceangal air a dhèanamh eadar cùis de Chovid-19 agus an làrach.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid a' mhargaidh fhosgladh às ùr cho luath 's a ghabhas.

Dh'innis iad gun tèid stiùireadh slàinte poblaich a leantainn.

Fosgailte

Tha Arcàid Queensgate ri taobh na margaid fhathast fosgailte.

Aig an dearbh àm, dhùin taigh-òsta na Moorings sa Ghearasdan agus neach a tha ag obair an sin cuideachd dearbhte leis a' bhìoras.

Tha ceannardan an taigh-òsta ag ràdh gu bheil glanadh mionaideach a' dol air adhart.