Àrdachadh eile de chùisean Chovid-19 an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Thàinig àrdachadh eile de chùisean den Choròna-bhìoras ann an Uibhist.
Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil 22 chùis den Choròna-bhìorais a-nis air an dearbhadh.
Thuirt iad cuideachd gu bheil fianais ann gu bheil am bhìoras a' gluasad bho dhuine gu duine ann an Uibhist.
Dh'innis Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, oidhche Mhàirt nach eil smachd aca aig an ìre seo air sgaoileadh a' bhìorais.
Sgrùdadh
Thuirt e gu bheil obair a' leantainn feuch lorg fhaighinn air feadhainn a bha faisg air daoine leis a' bhìoras.
Thathas ag iarraidh air na daoine seo iad fhèin a chumail fa leth.
Chaidh innse Dimàirt gu bheil casg air luchd-tadhail aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ach a-mhàin ma tha e deatamach.
Thuirt Mgr Jamieson gu bheil e mothachail gu bheil an suidheachadh a th' ann a' toirt buaidh air beatha dhaoine ann an Uibhist, ach dh'iarr e as ùr gun lean an sluagh na riaghailtean a th' ann a thaobh Chovid-19.
Chaidh sgoiltean Uibhist a dhùnadh Diluain fad trì là.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach sin a dhèanamh air sgàth 's gu bheil iad airson a bhith cho faiceallach 's a ghabhas, an àite gun robh comharra sam bith ann gun robh am bhìoras air sgoilearan no a' sgaoileadh ann an sgoiltean.
Dragh
Tha e coltach gu bheil cuid an-fhoiseil mu am fosgladh a-rithist, is fear de chomhairlichean Uibhist air innse dhan BhBC gum biodh a' Chomhairle a' cur staitistigean air thoiseach air slàinte agus beatha dhaoine nam fosgladh iad na sgoiltean.
Thuirt e gu bheil gnìomhachasan air feadh Uibhist air co-dhùnadh iad fhèin an dorsan a dhùnadh rè-ùine airson stad a chur air sgapadh a' bhìorais, is gum bu chòir dhan Chomhairle eisimipleir na coimhearsnachd a leantainn.
A bharrachd air sin, a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt an Comh. Calum MacIlleMhaoil gum b'fheàrr leis fhèin nach fosgail na sgoiltean as ùr gu às dèidh làithean-saora na Damhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2020
