Sgoil ùr san amharc san Ath Leathann
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid bun-sgoil ùr anns an Ath Leathann dhan phrìomh àite air liosta nam prìomhachasan togail a thaobh sgoiltean aig Comhairle na Gàidhealtachd.
'S e seo an liosta a bhios an t-ùghdarras a' cur air adhart 'son taic-riaghaltais fhaighinn.
Bha mì-thoileachas ann roimhe nach robh Bun-Sgoil an Ath Leathainn aig bàrr liosta nam prìomhachasan sa chiad phàirt den sgeama-taice.
Thèid moladh do choinneimh, taobh a-muigh den chomhairle Diardaoin gabhail ri pròiseact a chosgadh £11m 'son sgoil ùr a thogail.
Bhiodh sgoil-àraich, leabharlann agus Ionad Sheirbheisean dhan Chomhairle air an làraich.
Slàinte
Tha pàrantan air a bhith a' gearain fad bhliadhnaichean mun togalach a th' ann, is draghan ann gum faodadh droch staid na sgoile buaidh a thoirt air slàinte nan sgoilearan.
Bho chionn trì bliadhna, thuirt Comhairle nam Pàrant san Ath Leathann gur e "cùis-èiginn" a tha san sgoil.
Chaidh obair-leasachaidh a dhèanamh air na goireasan a th' ann gus piseach a thoirt orra san ùine ghoirid.
"Tha iomadach bliadhna ann a-nise bho thàinig seo am bàrr agus tha e pìos mòr nas doirbhe a-nise na bha e nuair a thòisich e, gu h-àraidh a thaobh slàinte na cloinne a tha a' faighinn teagaisg san sgoil", thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd an Ath Leathainn agus an t-Sratha, Hamish Friseal.
Thuirt Mgr Friseal gu bheilear an dòchas gum bi an sgoil ùr deiseil ann an 2025, is gur e goireas dhan choimhearsnachd gu lèir a bhios ann.
"Tha sinn a' coimhead air adhart ri sin.
"Aosta agus sgìth"
"Tha an talla a th' againn an-dràsta, tha e a' fàs aosta agus sgìth.
"Bidh sinne ag obair ann an com-pàirteachas ris a' Chomhairle air an sgoil agus na goireasan a tha sin".
Thèid iarraidh air buill na Comhairle cuideachd Diardaoin aontachadh airgead a thoirt seachad gus an urrainn do sgoilearan Bun-sgoil na Pàirce ann an Inbhir Ghòrdain tilleadh gu làrach na sgoile.
Chaidh an sgoil a sgrios ann an teine sa Ghearran. Bhon uairsin, bha sgoilearan air an teagaisg ann an Acadamaidh Inbhir Ghòrdain.
Fo na planaichean seo, bhiodh clasaichean eadar-amail air an stèidheachadh aig làrach na bun-sgoile fhad 's a thathas ag obair air fuasladh maireannach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2017

- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2017
