Cùisean de Chovid-19 an Uibhist air èirigh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Dh'èirich an àireamh chùisean de Chovid-19 co-cheangailte ris an sgapadh ann an Uibhist a Deas gu 38.

A-rèir NHS nan Eilean Siar, tha e air sgapadh gu ruige Beinn na Fadhla a-nise.

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gur e briseadh-dùil a tha seo is gu bheil e fìor chudromach gun lean a h-uile duine na riaghailtean a th' ann feuch stad a chur air sgapadh a' bhìorais.

Dh'iarr Mgr Jamieson gum bi a h-uile duine san sgìre cho faiceallach 's a ghabhas is gun cùm iad air falbh bho dhaoine eile, uimhir 's as urrainn dhaibh.

Dachaigh-cùraim

Thàinig e am bàrr gun tàinig am bhìoras air tuilleadh den luchd-obrach ann an dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naomh ann an Dalabrog.

Bha fios aig aig toiseach na seachdain gun robh cùisean dearbhte aig nas lugha na còignear, aonan den luchd-còmhnaidh nam measg.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil am bhìoras air barrachd na còignear a-nis, ged a dhearbh Comhairle nan Eilean Siar nach eil e air sgapadh gu tuilleadh den luchd-còmhnaidh.

Leis mar a tha am bhìoras air bualadh air luchd-obrach, thàinig air a' Chomhairle daoine a thoirt a-steach à Leòdhas airson cuideachadh san dachaigh.

Gabhaidh iad sin deuchainn Chovid-19 mus tòisich iad anns an dachaigh-chùraim.

Thàinig e am bàrr cuideachd gu bheil dà chùis co-cheangailte ri Sgoil Lionacleit. Tha an sgoil dùinte gu às dèidh nan saor-làithean.

Deuchainnean

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil cuid ann an Uibhist air a bhith a' feitheamh beagan làithean gus toradh fhaighinn bho dheuchainnean Chovid-19.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun deach cuid de dheuchainnean a chur gu ionad air tìr mòr a tha an-dràsta fìor thrang, is gun robh dàil ann an cuid de thoraidhean a bha air an comharrachadh nach robh iad fìor riatanach fhaighinn air ais.

Dh'innis iad gu bheil iad a' tabhann dheuchainnean ùra air daoine a tha gan iarraidh.

Thuirt iad gu bheil ionadan NHS mar as trice a' toirt trì là aig a' char as fhaide airson toradh a thilleadh, is gur e ionadan NHS a-mhàin a thathar a' cleachdadh a-nise 'son deuchainnean ann an Uibhist.

Aig an dearbh àm, chaidh a dhearbhadh gu bheil NHS nan Eilean Siar, còmhla ri NHS Arcaibh is NHS Shealtainn, gus inneal ùr fhaighinn a bheir seachad toradh dheuchainnean gu luath.

Thig an uidheamhachd BD Max dha na h-Eileanan an Iar nas fhaide air a' mhìos.