Cùisean ùra dearbhte sa Ghearasdan is Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gu bheil 15 cùisean de Chovid-19 air an dearbhadh sa Ghearasdan.
Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil a' mhòr-chuid de na cùisean co-cheangailte ri dà sgaoileadh.
Dh'innis iad gu bheil obair a' dol gus lorg fhaighinn air daoine a bha faisg air an fheadhainn air a bheil am bhìoras.
Thèid iarraidh orrasan an cumail fhèin fa leth.
Thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dr Tim Allison, gu bheil an suidheachadh a' sealltainn uair eile gun urrainn dhan bhìoras nochdadh ann an àite sam bith.
Stiùireadh
Thuirt e gum bu chòir dhan a h-uile duine an stiùireadh nàiseanta a leantainn.
Aig an dearbh àm, tha sgoilear aig Acadamaidh Chùil Odair am measg chùisean ùra ann an Inbhir Nis.
Tha an sgoil fhathast fosgailte, ach tha sgioba NHS a' cur fios air feadhainn a bha faisg air an sgoilear agus ag iarraidh orra fuireach aig an taigh fad cola-deug.
A bharrachd air sin, thàinig e am bàrr gu bheil cùisean dearbhte de Chovid-19 am measg cuid de luchd-obrach Bhanca Rìoghail na h-Alba san Eastgate ann an Inbhir Nis.
Bidh am banca dùinte cola deug.