Tagraidhean gan sireadh 'son Duaisean na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Duaisean na GàidhligTùs an deilbh, Duaisean na Gàidhlig

Mar cha mhòr a h-uile rud eile, tha staing Chovid-19 air bualadh air tachartasan mòra nan duaisean.

Ach cha chuir fiù 's pandemic stad air saoghal nan rionnagan.

Mar a sheinn Freddie Mercury còir, The Show Must Go On.

Chaidh na h-Emmys a thoirt seachad aig cuirm air-loidhne air a' mhìos seo chaidh, is tha na h-Oscars mar-thà air an deit acasan an ath-bhliadhna a ghluasad is na riaghailtean atharrachadh ri linn a' bhìorais.

Soirbheachail

Chan eil an Coròna-bhìoras a' cur maill air rionnnagan na Gàidhlig nas motha.

Bha na Duaisean Litreachais ann mar-thà is bidh fiù 's Mòd Bhiortail againn nas fhaide air a' mhìos seo fhèin.

'S e sin cuideachd a tha san amharc aig Duaisean na Gàidhlig.

Tha na duaisean air soirbheachadh gu mòr bho thòisich iad ann an 2013.

Ged nach bi oidhche mhòr aca ann an Glaschu san t-Samhain am-bliadhna, thèid na duaisean a thoirt seachad air-loidhne Dimàirt an 15mh den Dùbhlachd.

"Bidh a h-uile rud air-loidhne ach bidh e a cheart cho spòrsail is inntinneach is tarraingeach", thuirt Brian Ó hEadhra bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha a' cumail taic ris na duaisean.

Tha am Bòrd ag obair ann an co-bhanntachd ris an Daily Record 'son na duaisean a chur air dòigh.

Cruthachail

Mhìnich Brian gun robh sin na chuideachadh is am pàipear mar-thà air Duaisean Òigridh na h-Alba am-bliadhna a thoirt seachad air-loidhne.

Bidh na duaisean àbhaisteach ann am-bliadhna agus bidh cuideachd tè shònraichte airson neach no buidhne a tha air a bhith fìor chruthachail ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig tro staing Chovid-19.

Tha an cothrom ann tagraidhean a chur air adhart airson duais Ghàidhlig ron 23mh den Dàmhair.

Gabhaidh a dhèanamh an seo, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh