Fo-thaghadh air a chur dheth
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun deach fo-thaghadh san sgìre a chur dheth ri linn staing a' Choròna-bhìorais.
Thuirt iad gu bheil iad air seo a dhèanamh air adhbharan slàinte a' phobaill.
Tha feum air fo-thaghadh ann an Uard na h-Àirde is Loch Nis às dèidh bàs a' bhuill Thòraidhich, Seòras Cruickshank, sa Ghiblean.
Bha còir aig a' bhòt a bhith ann mar-thà, ach chaidh deit air a' 5mh den t-Samhain a chur air dòigh air sgàth an t-suidheachaidh le Covid-19.
Tha an t-Oifigear Riaghlaidh, Donna Manson, a-nise air innse gu bheil i air am fo-thaghadh a chur dheth gu 2021.
Cunnart
Tha cumhachd aice sin a dhèanamh fo Achd a' Choròna-bhìorais 2020.
Thuirt i gun tèid deit ùr fhoillseachadh fhathast.
"Bha grunn choinneamhan againn airson beachdachadh air a' chunnart do luchd-obrach an tagaidh, am poball agus am pròiseas deamocratach", thuirt a' Bh-Ph. Manson.
"Bhruidhinn sinn ri Ministearan an Riaghaltais, Coimisean an Taghaidh, agus an sgioba againn fhìn. Às dèidh sin agus a' gabhail a-steach na comhairle meidigich as ùire, tha sinn air co-dhùnadh am fo-thaghadh a chur dheth
"Tha am pandemic air buaidh mhòr a thoirt air cùisean agus an comas a th' againn am fo-thaghadh a chur air adhart gu sàbhailte, agus 's e slàinte is sàbhailteachd a' phobaill agus an luchd-obrach againn an rud as cudromaiche a th' ann", thuirt i.