Barrachd chùisean ùra de Chovid-19 an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Tha 38 cùisean de Chovid-19 a-nise air an dearbhadh ann an Uibhist.

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil cùisean a-nise ann am Beinn nam Fadhla.

'S e seo a' chiad turas a nochd cùisean dearbhte cho fada tuath san sgaoileadh seo.

Bha 35 cùisean air an dearbhadh Dihaoine is dh'innis am bòrd-slàinte oidhche Dhòmhnaich gu bheil trì cùisean ùra ann.

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, às ùr gu bheil e fìor riatanach gun lean a h-uile duine na riaghailtean a th' ann.

Thuirt Mgr Jamieson gur e sin an dòigh as fheàrr stad a chur air sgapadh a' bhìorais.

Rabhadh

Bha 34 cùisean ùra ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.

Air feadh Alba, chaidh 758 cùisean ùra a dhearbhadh Didòmhnaich.

Tha 210 duine san ospadal leis a' bhìoras is 22 dhiubh ann an ionadan dlùth chùraim.

Cha deach bàs sam bith a chlàradh Didòmnaich.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, gur e adhbhar dragh a th' ann am mar a tha am bhìoras a' sgapadh sa choimhearsnachd.

Dh'innis Mgr Swinney gu bheilear a' dèanamh measaidh air an t-suidheachadh a th' ann an-còmhnaidh, ach gur dòcha gum bi feum air tuilleadh bhacaidhean a chur an sàs gus stad a chur air sgapadh a' bhìorais.

Thuirt Stiùiriche Clinigeach na h-Alba, an t-Oll. Jason Leitch, air an deireadh-sheachdain gur dòcha gum bi lockdown dà sheachdain, ris an canar "circuit breaker" a dhìth.