Adhartas le ionad ùr coimhearsnachd air Taobh Sear Rois
- Air fhoillseachadh

Tha planaichean airson ionad ùr coimhearsnachd a stèidheachadh air Taobh Sear Rois air adhartas a dhèanamh is Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air cha mhòr £50,000 a thoirt seachad.
Tha a' bhuidheann coimhearsnachd Talla Cuimhneachaidh Bhailtean a' Chladaich gus an t-seann Eaglais Shaor Chlèireach eadar Baile a' Chnuic agus Baile an Todhair a cheannach.
Dh'innis a' bhuidheann gu bheil iad airson àite a a stèidheachadh far an tig muinntir an àite agus luchd-tadhail còmhla.
Thèid gnothaichean eachdraidheil às an sgìre a thaisbeanadh ann is thuirt iad gum bi cothroman ionnsachaidh na chois cuideachd.
Fhuair iad £54,000 mar-tha bho Eaglais Chlèireach Pyungkang Cheil ann an Corea a Deas.
Ceanglaichean
Thàinig seo mar thoradh air ceanglaichean a th' ann air sgàth Iain Rois, miseanaraidh a rugadh air Taobh Sear Rois san 19mh linn.
B' e a' chiad duine a dh'eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh gu Coirèanais.
Thàinig buidheann bho Eaglais Chlèireach Pyungkang Cheil air thuras a Thaobh Siar Rois an-uiridh.
Chaidh co-dhùnadh an uairsin gur e Ionad Cuimhneachaidh Iain Rois a bhios air an ionad ùr.
Tha dùil gun tèid an t-airgead bho HIE a chosg air an togalach a cheannach is air cosgaisean laghail, is an t-airgead bho Eaglais Chlèireach Pyungkang Cheil air sgeadachadh an togalaich.
Clach
Thèid pàirt de Chlach Bhaile a' Chnuic, a tha a' dol air ais gu 800 às dèidh Chrìosta, a ghluasad bho Thalla Cuimhneachaidh Bhailtean a' Chladaich dhan ionad ùr.
Tha am pàirt eile den chloich san Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Èideann.
Thèid gnothaichean eachdraidheil eile à Taobh Sear Rois cuideachd a thaisbeanadh san ionad ùr.
"Tha sinn air ar dòigh leis an airgead seo bho HIE", thuirt Maureen Ros bho Thalla Cuimhneachaidh Bhailtean a' Chladaich.
"'S e aite cudromach a bhios ann aig cridhe nam bailtean is leigidh e leinn muinntir an àite a thoirt còmhla agus barrachd luchd-tadhail a thàladh", thuirt i.