Roinn Ceiltis Harvard a' cur an aghaidh gràin-chinnidh
Chaidh Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Harvard anns na Stàitean Aonaichte an sàs às ùr bho chionn ghoirid ann an connspaid mun fhacal Ceilteach agus uachdaranas an duine ghil.
Sgaoil an Roinn teachdaireachd, taobh a-muigh air an làraich-lìn aca is iad ag ràdh gur e a tha am facal a' ciallachadh ach teaghlach de chànain.
Thuirt iad nach eil aon fhèin-aithne ginteil Ceilteach ann, is chuir iad gu làidir an aghaidh mar a tha cuid a tha ri gràin-chinnidh a' cleachdadh ìomhaighean Ceilteach.
Rinn Roinn na Ceiltis aig Harvard soilleir gur ann ri cànan agus litreachas nan dùthchanan Ceilteach a-mhàin a tha iad, agus gu bheil iad fosgailte do dhuine sam bith bho chinneadh sam bith a tha 'son ionnsachadh mun leithid.
'S e cuspair a tha seo air an do rinn an Dr Mìcheal Newton rannsachadh, ged nach eil ceangal aigesan ri Oilthigh Harvard.
Tha Andreas Wolff air a bhith a' còmhradh ris.