Sgothan iasgaich gan clàradh
- Air fhoillseachadh

Feumaidh sgothan iasgaich nan Eilean clàradh mar ghnìomhachas-bidhe ma tha iad a' dol a bhith reic iasg no maorach ris an Roinn Eòrpa às dèidh Brexit.
'S iad Comhairle nan Eilean Siar a bhios a' cur air dòigh clàradh nam bàtaichean, agus feumaidh iad sgrùdadh a dhèanamh air an sgoth cuideachd mus tèid an clàradh a thoirt seachad.
Dh'iarr iad air iasgairean le sgoth a tha an-dràsta clàraichte anns na h-Eileanan an Iar bruidhinn ri Sgioba Slàinte Àrainneachd na Comhairle airson na bàtaichean aca a chlàradh.
Sgrùdadh
Feumar cuideachd ceann-là a chur air dòigh airson sgrùdadh a dhèanamh air na sgothan aca.
Tha seo mar phàirt de na laghan ùra a thathas a' cur an gniomh ma tha an neach aig a bheil am bàta-iasgaich a' dol a reic iasg no maorach ri dùthchannan anns an EU às dèidh 31mh Dùbhlachd 2020.
Cha leig feadhainn a tha dìreach ag iasgach 'son biadh a chumail ris an teaghlach aca fhèin a leas clàradh, no mura h-eil na ghlac iad a' dol seachad air 25kg agus e ga reic air a' chidhe fhèin.
Thuirt neach-labhairt bhon Chomhairle gun robh 90 bàta clàraichte mar-thà, agus gu bheil an sgioba aca air 70 sgrùdadh a dhèanamh.
Ach thuirt iad gu bheil còrr is 200 bàta ag iasgach anns na h-eileanan agus gum bu chòir an clàradh seo tachairt ro dheireadh na bliadhna.
Tha barrachd fiosrachaidh air làrach, taobh a-muigh na Comhairle.