Sgioba poilis ùr an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh sgioba poilis shònraichte a chur air bhonn an Inbhir Nis airson leasachadh a thoirt air seirbheisean 101 agus 999, le eòlas ionadail aca a thaobh sgìrean iomallach agus coimhearsnachdan eileanach.
Bidh iad a' cur ris an obair a thathas a' dèanamh anns a' phrìomh ionad airson nan seirbheisean seo.
Anns a' chiad àite bidh 25 poileas ag obair anns an sgioba an Inbhir Nis, a' toirt taic do dhaoine thairis air a' fòn no aghaidh ri aghaidh ma tha sin freagarrach, no air bhideo.
Atharrachadh
Thèid measadh nas doimhne a dhèanamh air gach brath a thig tro 101 agus 999 agus bidh barrachd roghainnean ann 'son taic a thoirt do dhaoine a tha a' fònadh.
Dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh oifigearan a chur gu tachartas anns a' mhionaid, no coinneamh a chur air dòigh le oifigear, no taic fhaighinn thairis air a' fòn fhèin.
Thuirt Commandair na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Conrad Trickett, nach eil atharrachadh anns an dòigh 's a bheil daoine a' cur fios air Poileas Alba le bhith a' fònadh 999 ann an èiginn, no 101 mur a h-eil e èiginneach.
"A-nise bidh barrachd rannsachaidh air a dhèanamh air feumalachdan an neach 's ma tha iad ann an cunnart, thèid prìomhachas a bharrachd a thoirt dhaibh," thuirt e.