'Chan eil dùil' gun sgap am bhìoras an Uibhist a Tuath

A rèir Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar chan eil dùil gun sgap an Coròna-bhìoras ann an Uibhist a Tuath bhon aon chùis a th' ann an-dràsta.

Chan eil ceangal sam bith aig a' chùis sin ris an sgapadh ann an Uibhist a Deas.

Mar a tha cùisean Dimàirt, tha 41 cùis san sgìre air fad.