44 cùis de Chovid-19 an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil a-nise 44 cùis den choròna-bhìoras ann an Uibhist.

Chaidh trì cùisean ùra a dhearbhadh co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Beinn nam Fadhla, a' toirt na h-àireimh san sgaoileadh sin gu 43.

'S ann an Uibhist a Deas fhèin a tha na trì cùisean ùra.

Bha am Bòrd-Slàinte air innse mar-thà gun robh aona chùis den bhìoras ann an Uibhist a Tuath.

Tha iad a-nise air dearbhadh gur e cuideigin a tha a' tadhal air an eilean a tha sin is tha iad an dùil nach sgaoil am bhìoras bhon chùis sin.

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gu bheil an obair gus daoine a bha faisg air feadhainn leis a' bhìoras a lorg agus a chumail fa leth a' soirbheachadh.

Rabhadh

Dh'innis e gu bheil e follaiseach a-nise gu bheil am bhìoras air sgapadh am measg theaghlaichean, ann an taighean agus ann an àiteachan-obrach.

Dh'iarr e às ùr air daoine gun a bhith a' dol ann an càraichean le feadhainn nach eil a' fuireach còmhla riutha.

Mhìnich e cuideachd gu bheil e air tighinn am bàrr nach eil comharran dona air a' mhòr-chuid de dhaoine ann an Uibhist air a bheil Covid-19.

Thuirt e gur e rud math a tha sin, ach gu bheil e cuideachd a' fàgail nach eil cuid ag aithneachadh sa chiad dol a-mach gu bheil am bhìoras orra, is nach eil iad a' cur deuchainn air dòigh is gan cumail fhèin fa leth cho tràth 's a bu chòir.

Dh'innis Mgr Jamieson gu bheil cunnart mòr ann gun sgaoil am bhìoras anns an t-suidheachadh sin.

Thuirt e gu bheil e fìor chudromach gun cùm daoine iad fhèin fa leth agus gun cur iad deuchainn air dòigh sa bhad ma thig comharran sam bith den bhìoras orra.

Post

Aig an dearbh àm, dh'innis am Posta Rìoghail Diciadain gu bheil duilgheadasan aig Oifis Bhaile a' Mhanaich a' fàgail gum bi buaidh air an t-seirbheis ann am pàirtean de sgìrean puist HS7 is HS8 an t-seachdain seo.

Bha iad air dearbhadh mar-thà gun robh Covid-19 air dithis den luchd-obrach san oifis is gu bheil iad gan cumail fhèin fa leth.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil luchd-obrach eile cuideachd gan cumail fa leth.

Thuirt am Posta Rìoghail gun deach glanadh mionaideach a dhèanamh san oifis.

Gu nàiseanta, tha dùil gum foillsich Nicola Sturgeon riaghailtean ùra Diciadain airson feuchainn ri smachd a chur air sgapadh a' choròna-bhìorais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo