Chuala BPA gun caill Comhairle nan Eilean Siar faisg air £4m ri linn a' choròna-bhìorais
- Air fhoillseachadh

Chuala buill Comataidh an Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba gun caill Comhairle nan Eilean Siar faisg air £4m mar thoradh air staing a' choròna-bhìorais.
Thug àrd-oifigear an ùghdarrais ionadail, Calum Burr, fianais dhan chomataidh Diciadain agus iad a' dèanamh obair sgrùdaidh ron bhuidseat air ionmhas nan comhairlean.
Mar phàirt den rannsachadh, tha iad air a bhith a' beachdachadh air buaidh a' ghalair air seirbheisean 's ionmhas nan comhairlean air feadh na dùthcha.
Dh'innis Calum Burr gu bheil faisg air £4m de theachd a-steach gu bhith air a chall dhan chomhairle ri linn sgapadh a' choròna-bhìorais agus gun toir e buaidh air oidhirpean na comhairle ath-chruthachadh a thoirt air seirbheisean.
Co-obrachadh
Chaidh faighneachd dha cuideachd mu cho-obrachadh le buidhnean eile tron phandemic, agus rinn Mgr Burr luaidh air cho math sa tha a' bhuidheann-ghnìomha ionadail air an sgapadh den bhìoras ann an Uibhist a làimhseachadh ann an co-bhuinn le cuideachadh 's stiùireadh bho oifigich na comhairle agus am bòrd slàinte.
Rinn e luaidh cuideachd air an taic a fhuair iad bho choimhearsnachdan nan eilean.
Thuirt e gu bheil a' chomhairle a' coimhead ri co-obrachadh a bharrachd a dhèanamh san àm ri teachd le muinntir nan eilean - agus cumhachd gu ìre nas motha tighinn às na coimhearsnachdan fhèin.