Riaghailtean ùra do luchd-aoigheachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoilsich am Prìomh Mhinistear bacaidhean ùra an-diugh airson smachd fhaighinn air sgapadh a' choròna-bhìorais ann an Alba.
Bidh àiteachan a tha a' reic deoch-làidir ann am meadhan na dùthcha - Dùn Èideann agus Glaschu nam measg - dùinte airson cola-deug ach do dhaoine a bheir air falbh biadh leotha.
Ann an sgìrean eile, mar a' Ghàidhealtachd agus na h-eileanan, bidh cead aig taighean-seinnse agus taighean-bìdh fosgladh a-staigh eadar 06:00 agus 18:00 ach chan fhaod iad deoch-làidir a reic do dh'aoighean taobh a-staigh an togalaich idir.
Bidh fhathast cead aca biadh agus deoch-làidir a thabhann do dhaoine a-muigh suas gu 22:00, cho fàd agus nach eil barrachd na sianar bho dhà dhachaigh a-mhàin ag òl agus ag ithe còmhla.
Thuirt Nicola Sturgeon gum bi na riaghailtean ùra an sàs bho Dhihaoine 9mh den Dàmhair airson 16 là.
Chan eil cuingleachaidhean siubhail ùra gan toirt a-steach ach thathar ag iarraidh air daoine ann an còig sgìrean ann am meadhan na h-Alba gun a bhith a' siubhal a-mach à sgìre a' bhùird-slàinte aca, agus cha bu chòir do dhaoine bho àiteachan eile den dùthaich a dhol ann mura h-eile feum aca.