Oidhche mheasgaichte aig County
- Air fhoillseachadh

Thàinig Mon Ròis air ais às dèidh dhaibh a bhith 3-0 air dheireadh an aghaidh Ross County.
Bha oidhche mheasgaiche aig Ross County ann am Machaire Aonghais is iad air a' cheann thall a' soirbheachadh an aghaidh Mhon Rois air breaban-peanais.
Bha a h-uile coltas ann gum biodh gnothaichean gu math comhurtail dha na Staggies ann an Cupa na Lìge oidhche Chiadain is iad 2-0 air thoiseach às dèidh cairteal na h-uaireach, le Oli Seathach is Billy MacAoidh air an targaid.
Nuair a chuir Regan Charles-Cook tadhal eile tràth san dàrna leth, bha faireachdainn ann gum faodadh County pronnadh a thoirt air Mon Rois.
Thug tadhal bho Graham Webster dòchas dha Mon Rois ge-tà, is goirid às dèidh sin nochd Cammy Ballantyne le tadhal eile.
Bha na Gable Endies nan glòir a-nise is bha iad co-ionnan aig 3-3 anns na mionaidean mu dheireadh le tadhal bho Anndra Steeves.
Breaban-peanais
Chaidh an geama gu breaban-peanais agus chum County an nearbh, a' cur còig a-mach à còig is Màrtainn Rennie a' bualadh a' mhaide-tarsainn do Mhon Rois.
Dà phuing ma-thà 'son County air a' cheann thall, ged a bhios iad a' faireachainn gun robh còir aca a bhith air na trì fhaighinn.
Bha deagh oidhche aig Brora Rangers ann an Dùn Èideann agus an sgioba bho Lìog na Gàidhealtachd a' cumail ceann a' mhaide ri Hibs.
A-rithist bha coltas ann gum faodadh droinneadh a bhith ann nuair a chuir Stevie Mallan an sgioba bhon Phrìomh Lìog 2-0 air thoiseach tràth.
Thàinig Brùra a-steach dhan gheama ge-tà, is fhuair iad togail mòr nuair a chuir Daniel MacGilleEasbaig breab-saor àlainn às dèidh uair a thìde.
Bha na Cataich air am misneachadh a-nise agus b' ann dìreach anns na mionaidean mu dheireadh a rinn Hibs cinnteach air na trì puingean le tadhal bho Phòl Hanlon.
MacAoidh air a dhòigh
Bha manaidsear Bhrùra, Steafan MacAoidh, moiteil às an sgioba às dèidh làimhe.
"Bha tòrr den bhall aig Hibs ach aig amannan sheall sinn na comasan a th' againn", thuirt MacAoidh.
"Bha turas no dhà nuair a bha leth chothrom againn is nam biodh na balaich air creidsinn annta fhèin beagan a bharrachd, 's dòcha gum biodh sinn air tadhal eile fhaighinn", thuirt e.
Tha na sgiobaidhean Gàidhealach a' leantainn orra ann an Cupa na Lìge anns na làithean ri thighinn.
Cuiridh Brùra fàilte air Dùn Dè Disathairne.
Cluichidh County an aghaidh Obar Bhrothaig Dimàirt is Caley Thistle a' cur fàilte air Cowdenbeath.