Toileachas le sgoil ùir
- Air fhoillseachadh

Sgoilearan a' toirt taing dhan luchd-togail.
Bha gàirdeachas am measg na cloinne aig Bun-sgoil Mharc-Innis ann an Inbhir Nis 's iad a' toirt taing dhan luchd-obrach a bha an sàs anns an togalach ùr aca.
Chruinnich timcheall air 350 pàiste taobh a-muigh na sgoile agus thuirt an ceannard, Jillian Kean, gun robh iad airson sealltainn cho taingeil 's a bha iad.
"Bheir an togalach ùr rùm gu leòr dhuinn airson goireasan a bharrachd a tha a dhìth le suidheachadh a' choròna-bhìorais, agus bidh cothrom againn a bhith ag amas air rudan a dhèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte", thuirt i.
Thèid na sgoilearan dhan togalach ùr nas fhaide air a' mhìos às deidh saor-làithean na Dàmhair.
Chaidh siostaman ùra togail a chleachdadh airson na sgoil ùire a tha seasmach agus math dhan àireannachd.
Chaidh an t-seann sgoil a thogail ann an linn Bhictoria ann an 1876 agus tha i clàraichte air liosta B, 's mar sin chaidh a cumail mar phàirt den sgoil ùir.
Bidh i a-nise ga cur gu feum mar àite-bìdh agus ionad-teaghlaich.