Sgìre MPA ùr far chosta nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Creutairean maraTùs an deilbh, Deep Links Project

Chaidh Sgìre Ghlèidhte Mara (MPA) ùr cho mòr 's a tha san Roinn Eòrpa a chur an sàs gu h-oifigeil far chosta siar nan Eilean Siar.

Thathas ag amas air na h-uisgeachan a dhìon bho chuid de leasachaidhean mara is cuid de sheòrasaichean iasgaich.

Tha MPA Taobh Siar na h-Alba a' gabhail a-steach còrr is 100,000 cilemeatair ceàrnagach den mhuir san Atlantaig.

Thuirt Buidheann Mara na h-Alba gun cur an MPA ùr dìon air cearbain, coireal, is beathaichean is planndrais mara eile.

"Gheibhear beathaichean is àrainneachdan mara a th' ann an cunnart a dhol à bith anns na a h-uisgeachan domhain a tha seo", thuirt Ministear na h-Àrainneachd Nàdarra, Màiri Gougeon.

"Tha an MPA ùr seo a' lìonadh tè de na beàrnan mu dheireadh san lìonra a th' againn, is 's e ceum mòr a th' ann cuideachd a dh'ionnsaigh targaid a choileanadh gum bi 10% de chuantan na cruinne le inbhe MPA ro dheireadh 2020", thuirt i.

Rinn an Riaghaltas co-chomhairle air an MPA ùr roimhe.

MapaTùs an deilbh, Riaghaltas na h-Alba

Tuilleadh air an sgeulachd seo