Ceistean mu mhaoineachadh Bhòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig

Tha buill-phàrlamaid a' moladh gum biodh an dòigh sa bheil Bòrd na Gàidhlig gam maoineachadh nas soilleire, agus gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba targaidean ceart romhpa.

Nochd Iar-neach-gairm Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich ann am Pàrlamaid na h-Alba, an Tòraidheach Graham Simpson, dragh nach eil fhios aig an Riaghaltas dè tha iad a' faighinn airson a' bhuidseit de £5m sa bhliadhna a tha iad a' toirt dhan Bhòrd.

"Is coltach nach eil grèim idir aig an Riaghaltas air cosgaisean Bhòrd na Gàidhlig," thuirt Mgr Simpson.

"Cha do chuir iad fiù 's targaidean mu choinneimh a' Bhùird a thaobh na bu chòir dhaibh a choileanadh.

"Tha sin uabhasach.

"Tha buidseat timcheall air £5m sa bhliadhna aig a' Bhòrd, agus saoilidh mi, mar luchd-pàighidh chìsean, gu bheil còir againn a bhith an dùil gum bi fios ann dè thig às an airgead sin, 's gum biodh targaidean mun coinneimh.

"Gu bunaiteach, thathas a' toirt an airgid a tha seo don Bhòrd, 's faodaidh iad cha mhòr na thogras iad a dhèanamh leis gun duine a bhith a' cumail sùil orra. Chan eil sin math gu leòr."

Targaidean

Thuirt Mgr Simpson gun deadh coimhead ri seo a-rithist airson 's gun tigeadh an Riaghaltas air ais le targaidean agus KPIs (Key Performance Indicators) mu choinneimh na Gàidhlig is mu choinneimh Bhòrd na Gàidhlig.

Chaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig fhoillseachadh o chionn dà bhliadhna, ach gun targaidean na chois.

Bha sgrìobhte anns a' phlana sin gun deadh targaidean a dhèanamh soilleir taobh a-staigh sia mìosan, ach cha tàinig iad sin a-mach a-riamh.

'S ann an urra ri Sgioba na Gàidhlig is na Beurla-Gallta a tha gnothaichean na Gàidhlig anns an Riaghaltas, agus sin fhèin na pàirt de Roinn an Fhoghlaim.

Tha dragh air Ailig Neil BPA, a tha cuideachd air Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich, gu bheil an sgioba air a dhol am falach.

"'S e argamaid a th' ann, ma tha cus uallaich bho cuspairean eile air Roinn an Fhoghlaim, 's mura bheil e a' faighinn na h-aire a tha a dhìth air bhon t-Seirbheis Chatharra ann an Roinn an Fhoghlaim, gur dòcha gum bu chòir a thoirt seachad gu, mar eisimpleir, Roinn a' Chultair," thuirt e.

Cunntachail

"'S e an obair againne mar chomataidh, an Riaghaltas a chumail cunntachail, am Bòrd a chumail cunntachail, a bhith a' dèanamh cinnteach a thaobh na chaidh a chur a-mach anns an Achd, a thaobh na thachair on uair sin, 's na tha a' dol a thachairt san àm ri teachd.

"Mura bheil sin dèanta, choimheadadh a' Chomataidh ri dòighean air dèanamh cinnteach gun tèid a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh amasan soilleir ro Bhòrd na Gàidhlig, agus gu robh an aithisg bhliadhnail mu dheireadh a' nochdadh gu robh iad a' dèanamh adhartais mu choinneimh nan Tomhasan Gnìomha a chaidh a stèidheachadh.