Boireannach marbh an dèidh tubaiste air an A82

  • Air fhoillseachadh
A82 faisg air BòrlumTùs an deilbh, Google

Tha boireannach air bàsachadh an dèidh tubaiste eadar dà chàr air an A82 faisg air Druim na Drochaid.

Bha am boireannach, aois 24, ann an Citroen C3 gorm a bha a' siubhal gu deas. Bhuail an carbad agus Honda CRV liath a bha a' dol gu tuath na chèile.

Thachair an tubaist aig Tuathanas Bhòrlum, mu 3:15f Diluain.

Thugadh fireannach, 27, a bha a' dràibheadh an Citroen C3, agus boireannach, 56, a bha a' dràibheadh a' chàir eile, a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.

Thathas a' tuigsinn gu bheil am fireannach ann an droch staid, ach gu bheil e seasmhach, 's gu bheil am boireannach ann an staid sheasmhach.

Bha an rathad dùinte gach taobh aig an làraich airson mu shia uairean de thìde fhad 's a bha rannsachadh ga dhèanamh.

Dh'iarr na Poilis air fianaisichean sam bith, gu h-àraid ma tha dealbhan dashcam aca, a dhol thuca.

Faodar fiosrachadh a thoirt do na Poilis aig stèisean Inbhir Pheofharain, air an àireimh 101, le iomradh a thoirt air clàr-cùise 1838, 's an ceann latha 12mh den Dàmhair a thoirt seachad.