Dragh mu bhochdainn connaidh aig tuath
- Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread NicDhàibhidh, gu bheil dragh oirre gum bi trioblaidean mòra le bochdainn connaidh air a' Gheamhradh seo ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.
Sheall sgrùdaidhean thar nam bliadhnaichean mun dheireadh gu bheil mu dhàrna leth de dhachannan air Ghàidhealtachd ann am bochdainn connaidh, 's gu bheil duilgheadasan aca pàigheadh airson teas air a' Gheamhradh.
Tha dragh a-niste gum bi sin nas miosa air a' Gheamhradh seo agus gum bi cosgaisean a bharrachd leithid dealain air daoine a tha a' call an cosnaidh no air daoine a tha air beag-thuarastail 's a tha a-niste ag obair bhon taigh.
"Tha seo dìreach ga dhèanamh nas miosa buileach," thuirt an Comh. NicDhàibhidh.
"Tha buaidh mhòr aig a' Choròna-bhìoras air tuarastail dhaoine.
"Ma choimheadas tu air na figearan airson na Gàidhealtachd, tha an àireamh dhaoine a th' air cur airson a' Chreideis Choitchinn suas cha mhòr 200% ann am Port Rìgh.
"Tha e suas còrr air 100% sa Ghearasdan - agus suas anns a h-uile àite eile air feadh na Gàidhealtachd.
"'S ann againne a tha an àireamh as motha de dhaoine air fòrladh, a rèir àireamh an t-sluaigh - agus tha deireadh na Dàmhair romhainn.
"Tha duilgheadas dha-rìribh againn a thaobh bochdainn, 's feumaidh sinn feuchainn ri daoine a chumail air bhog tron chuid as miosa dheth seo gus am faigh iad obair a-rithist," thuirt i.