Treas là gun chùis Chovid-19 an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Cha deach cùis ùr a dhearbhadh an Uibhist bho Dhidòmhnaich.
Dhearbh NHS nan Eilean Siar oidhche Chiadain nach robh cùisean ùra den choròna-bhìoras ann an Uibhist airson an treas là ann an sreath.
Dh'innis Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, nach deach cùisean ùra den choròna-bhìoras a dhearbhadh idir ann an Uibhist an-dè.
Tha 48 cùisean a bhith ann co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an Uibhist a Deas, Èirisgeigh, is Beinn na Foghla, ach cha deach cùis ùr a dhearbhadh a-nise bho Dhidòmhnaich.
Thuirt Mgr Jamieson gur e deagh naidheachd a th' ann is dh'iarr e air a h-uile duine cumail orra a' leantainn nan riaghailtean.
Dh'iarr e air daoine an app Dìon Alba a chur air na fònaichean aca, is a bhith cuimhneachadh bluetooth fhàgail air 'son s' gun obraich e.