Ath-nuadhachadh air muilinn Gharraboist
Dh'fhaodar ath-nuadhachadh a thoirt air seann mhuileann gràin Gharraboist anns an Rubha ann an Leòdhas mar phairt de dh'iomairt airson dualchas gnìomhachais na sgìre a thoirt beò a-rithist.
Tha a' bhuidheann Garrabost Gnìomhach a' coimhead air a' mhuileann a ghabhail os làimh às leth na coimhearsnachd.
Tha iad cuideachd airson coimhead air seann fhacataraidh bhreigichean agus loidhne rèile, a bhathas a' cleachdadh airson mòine a thoirt do stàillean paireafain a bha air cùl na muilne mus deach a togail.
Tha an aithris seo aig Dòmhnall MacLaomainn.