Na mìltean dhachaighean sna h-Eileanan an Iar gun dealan
- Air fhoillseachadh

Tha na mìltean dhachaighean sna h-Eileanan an Iar às aonais dealain madainn Dihaoine.
Thuirt SSE gu robh trioblaid leis a' phrìomh lìonra agus gu robh an luchd-obrach aca trang a' feuchainn ri a chàradh.
Thuirt iad gu robh iad an dòchas gun deadh a chur ceart ro 13:30.
Thug e buaidh air mu 13,600 luchd-cleachdaidh ann an Leòdhas agus na Hearadh.
Tha a' chumhachd air tilleadh do chuid de sgìrean ann an Steòrnabhagh aig an ìre-sa.