Rabhadh bho na Maoir-Chladaich mu na cunnartan an cois fo-shruthan

  • Air fhoillseachadh
Camas na CliobhaTùs an deilbh, Geograph.org.uk

Tha na Maoir-Chladaich a' toirt rabhaidh do shnàmhadairean an dèidh do dhithis a bhith air an glacadh ann an sruth-ìochdarach aig tràigh ann an Leòdhas.

Fhuair iad aithris gu robh daoine ann an trioblaid aig Camas na Clibhe ann an Ùige mu 3f Là na Sàbaid.

Chaidh sgioba-teasairginn Mhiabhaig agus heileacoptair nam Maor-Cladaich ann an Steòrnabhagh a ghairm chun na làraich.

Chaidh aig an dithis a bha a' strì leis an t-sruth air faighinn a-mach às an uisge leotha fhèin.

Thug an heileacoptair boireannach gu port-adhair Steòrnabhaigh far an d'fhuair i cùram bho luchd-eiridinn.

Fhuair an fheadhainn a bh' air fhàgail air an tràigh comhairle bho mhaoir-chladaich Mhiabhaig.

Thuirt Graham Cay bho Bhuidheann nam Maor-Cladaich:"Dh'fhaodadh an snàmhadair as làidire agus an duine a tha fìor eòlach air àite a bhith a' faighinn ann an trioblaid sa mhuir, gu h-àraid ann an sruthan ìochdarach nach eil ro fhollaiseach.

"Ma thèid do ghlacadh ann an sruth làidir neo fo-shruth feuch gun cum thu cho socair sa ghabhas, cuir do làmh suas agus èigh airson cuideachadh.

"Cùm grèim air a' bhòrd-surfaidh agad ma tha fear agad. Mura faigh thu taic, feuch snàmh ris an tràigh gus am faigh thu a-mach às an t-sruth agus dèan an uair sin air a' chladach. Ma thèid agad air seasamh, tha e nas fheàrr grunnachadh seach a bhith a' snàmh. "