Cothrom aig bùthan eileanach pasgaidhean plastaig aon-turais a sheachnadh

  • Air fhoillseachadh
Baga plastaigTùs an deilbh, Getty Images

Tha cothrom aig bùthan eadar Sealtainn agus Eilean Arainn a bhith air thòiseach air càch an Alba le bhith cur às do phasgaidhean bìdh agus stuth dhachaigh eile nach eilear a' cleachdadh ach aon turas.

Faodaidh iad cur a-steach airson taic-airgid bho mhaoin ùr luach £600k a dh'ainmich a' bhuidheann Zero Waste Scotland not airson an cuideachadh faighinn cuidhteash den leithid bhagaichean 's botail aon-turais, agus barrachd feum a dhèanamh de rudan a ghabhas ath-chleachdadh.

Tha an sgeama ùr seo air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Stòras Eòrpach an Leasachaidh Roinneil anns a bheil £2m airson coimhearsnachdan a chuideachadh faighinn seachad air buaidh Covid-19 le pròiseactan uaine.

'S e 13% de sgudal dhachaighean na dùthcha a th' ann an stuth mar phàipear, bagaichean, botail agus tubaichean plastaig nach eilear a' cleachdadh ach aon turas.

Faodaidh bùthan cur a-steach airson taic-airgid suas gu 16mh den t-Samhain.