Briseadh sa chàball-mhara a dh'fhàg Leòdhas is na Hearadh gun dealan

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas SSE

'S e briseadh sa chàball-mhara a dh'fhàg Leòdhas is na Hearadh gun dealan Dihaoine 16mh den Dàmhair.

Chaill 13,600 de luchd-cleachdaidh SSE cumhachd an dealain madainn Dihaoine, ach chaidh aig a' chompanaidh ri a thoirt air ais thuca uile taobh a-staigh dà uair de thìde.

Chuir iad heileacoptair chun na sgìre airson sgrùdadh a dhèanamh air na loidhneachan dealain feuch dè a bu choireach ris a' ghearradh.

Chan ann air an talamh, ge-tà, a bha an trioblaid ach aig muir sa chàball 33,000 volt a tha a' toirt dealain à tir-mòr chun nan Eilean Siar.

Dhearbh SSE gu bheil briseadh, mu 15 cilemeatair bhon chladach ann an uisge domhainn, sa cheangal a tha 32 cilemeatair de dh'fhaid agus tha a' dol bhon Àird Mhòir san Eilean Sgitheanch gu na Hearadh.

Sgrùdadh

Thuirt a' chompanaidh nach d'fhuair iad càil ceàrr leis a' chàball nuair a rinn iad sgrùdadh as t-samhradh.

Thòisich iad rannsachadh air dè bu choireach ris a' bhriseadh agus airson plana a dhealbh.

Chan eil fhios aca an gabh an càbal càradh neo am feum iad fear ùr a chur ann.

Chan eil seo a' toirt buaidh air daoine ann an Leòdhas agus na Hearadh leis gur e Stèisean Cumhachd a' Bhataraigh ann an Steòrnabhagh agus tuathan-gaoithe san sgìre fhèin a tha a' cumail dealain riutha.

Luchd-cruthachaidh ionadail

Ge-tà, tha seo na dhuilgheadas do chompanaidhean eileanach a tha a' cruthachadh dealain leis nach fhaigh iad air a chur chun a' ghriod nàiseanta.

Thuirt SSE gu bheil iad a' conaltradh leis na buidhnean sin feuch a' bhuaidh a bheir an suidheachadh seo air an obair aca a lùghdachadh.

Thuirt iad gum foillsich iad toradh an sgrùdaidh nuair a bhios e deiseil agus nuair a bhios plana aca air dè am fuasgladh as fheàrr.