Bhòt an aghaidh sgrùdadh mu bhurraidheachd

  • Air fhoillseachadh
Deuchainn brùthadh falaTùs an deilbh, UniversalImagesGroup

Bhòt comhairlichean Earra-Ghàidheal agus Bhòid cur an aghaidh iarrtas airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air buil surbhaidh mu bhurraidheachd am measg luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd sa sgìre.

Bha buill comataidh poileasaidh agus stòrais an ùghdarrais ionadail a' beachdachadh air aithisg mun dòigh a thathas a' dèiligeadh ri casaidean de bhurraidheachd a thog ceann ann an surbhaidh le luchd-obrach NHS a rinn Compàirteachas Slàinte agus Cùram Sòisealta Earra-Ghàidheal agus Bhòid (HSPC).

Dh'iarr an comhairliche Dùghlas Philand, gun deadh a' chùis gu an làn chomhairle, le moladh gun dèanadh bòrd amalaichte an HSPC ath-sgrùdadh air na casaidean de bhurraidheachd.

Cha deach leis an atharrachadh aige, ge-tà, agus chaidh bhòtadh gabhail ri gluasad bhon chomhairliche Kieron Green gum bu chòir taic a chur ris an dòigh a tha an HSPC a dèiligeadh ri na draghan a thogar sa surbhaidh agus taic a chur ris an obair a thathas a' dèanamh gus molaidhean a chur an sàs.