Cothrom tagradh a dhèanamh 'son taic ùr do ghnothachasan

  • Air fhoillseachadh
Taigh-seinnse

Tha cothrom bhon diugh aig gnothachasan air feadh na dùthcha cur a-steach airson taic-airgid bho stòras ùr aig Riaghaltas na h-Alba a tha ag amas air cuideachadh a thoirt do chompanaidhean a th' ann an staing ri linn bacaidhean a' choròna-bhìorais.

'S iad ùghdarrasan ionadail a tha a' ruith na Maoin Chruadail Ghnothachasan Covid-19 as leth an riaghaltais.

Tha an stòras gu sònraichte ag amas air an àm às dèidh an 9mh den Dàmhair nuair a chaidh na riaghailtean ùra a chur an sàs leis a' Phrìomh Mhinistear.

Bidh cothrom aig taighean-seinnse, taighean-bìdh agus cuid de dh'ionadan gym tagradh a dhèanamh 'son tabhartas eadar £1,000 agus £1,500.

Sìmplidh

Ma tha barrachd na aon àite aig gnothachas 's urrainnear tabhartas iarraidh airson gach àite le a bhith a' cur aon tagradh chun an ùghdarrais ionadail.

'S urrainn do ghnothachas le grunn àiteachan tabhartas suas ri £10,000 not fhaighinn.

Thuirt Stiùbhart MacFhionghain bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga gu bheil am pròiseas airson tagradh a dhèanamh gu math sìmplidh.

"Chan eilear ach a' lìonadh an fhoirm agus ga chur air falbh.

"An uairsin feumaidh na h-ùghdarrasan ionadail dèiligeadh ri na tagraichean sin gu sgiobalta 'son 's gun tèid an t-airgead a chur ann an cunntasan banca ghnothachasan gu sgiobalta seach an ceann seachdainnean," thuirt e.