Càball dealain ùr a dhìth eadar tir-mòr agus na h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Suaichteantas SSETùs an deilbh, PA

Thàinig dearbhadh Diaordaoin bho SSE gur e càball ùr dealain fon mhuir a tha a dhìth eadar tir-mòr agus Leòdhas is na Hearadh às dèidh dhan fhear a th' ann an-dràsta briseadh bho chionn seachdain.

Tha a' chompanaidh cumhachd ag ràdh gum faodadh an obair seo eadar sia mìosan agus bliadhna a thoirt.

San eadar-ama tha stèisean ionadail a' cumail dealain ris an t-sluagh.

Tha dragh, ge-tà, air urrasan coimhearsnachd agus companaidhean eile a tha a' cruthachadh cumhachd ath-nuadhachail mun bhuaidh a bhios orra leis nach urrainn dhaibh an dealan a reic ri margaidhean air tir-mòr gun càball a bheir ann e.

Crann gaoithe

Èiginn do luchd-cruthachaidh ionadail

Tha an càball-mara sa bheil 33 volt a' dol eadar an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh ach fhuair SSE gu robh briseadh mu 15 cileamatair bho chladach an Eilein Sgitheanaich, ann am muir sa bheil doimhneachd 100 meatair.

Cha ghabh càradh agus thuirt iad gun do thòisich am pròiseas airson càball ùr a chur ann agus gun toireadh seo co-dhiù bliadhna.

Thuirt SSE gum biodh an dà chuid na stèiseanan aig a' Bhataraidh agus aig Àrnais ann an Leòdhas cho math ri cumhachd bho thuathan-gaoithe na sgìre a' cumail dealain ri daoine fhad 's a tha iad as aonais càball a' Chuain Sgìth.

Mar thoradh air a' bhriseadh, chan fhaighear air dealan a tha ga chruthachadh gu h-ionadail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta agus tha dragh ann gum faodadh tuathan-gaoithe aig urrasan coimhearsnachd na milleanan notaichean de theachd a-steach a chall.

Cothrom airson càball nas motha?

Tha Agnes Rennie, Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn, ag ràdh gun do thachair am briseadh aig àm nuair a bhiodh dùil aca an teachd a-steach as motha a dhèanamh.

Thuirt i gum feum na crainn gaoithe aca a' cumail orra a' dol mun cuairt gus nach tèid iad gu mì-fheum ach gun deach innse dhaibh nach tèid aca ach air glè bheag a bharrachd dealain a chur ris a' ghriod ionadail.

Tha an t-urras a' sireadh chòmhraidhen le SSE feuch an gabh iad an tuilleadh dealain a' chiad ghreis agus, a' coimhead air adhart, feuch an gabh an càball ùr a chur tarsainn nas luaithe agus gun gabh e barrachd dealain às na h-eileanan.

Thuirt i gum faigheadh iad pàigheadh bho SSE leis nach eil e comasach dhaibh cumhachd a reic ris a' Ghriod Nàiseanta, agus gu bheil iad a' coimhead air dòighean eile airgead a thoirt a-steach.

"Chan e rud a tha cinnteach a th' ann an àrachas ach cha tig sin a-steach gu co-dhiù às dèidh a' chiad mhìos agus tha sinn a' coimhead ri mìosan mòra romhainn.

"Tha sinn a' coimhead ri mìosan a' gheamhraidh agus ged nach eil sinn ag iarraidh ghèiltean tha iad math airson a bhith a' cruthachadh dealain agus gu mì-fhortanach tha sinn a-nis a' coimhead air na mìosan as fheàrr airson a bhith a' cruthachadh dealain air an call," thuirt Agnes Rennie