UHI a' cur £560m ris an eaconomaidh
- Air fhoillseachadh

Tè de dh'oileanaich an UHI, Kirsty Thomson.
Sheall rannsachadh ùr gu bheil Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur £560m gach bliadhna ri eaconomaidh a' chinn a tuath.
'S e a' chompanaidh eaconomach Biggar Economics a rinn an sgrùdadh, taobh a-muigh dhan UHI, is iad a' coimhead air na tha an oilthigh a' cur ris na coimhearsnachdan anns a bheil e stèidhichte.
A bharrachd air £560m a chur ris an eaconomaidh air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, am Moireibh agus an Siorrachd Pheairt, fhuair iad gu bheil an UHI a' cumail taic ri 6,200 cosnadh.
Tha sin a' toirt a-steach an fheadhainn a tha ag obair aig an oilthigh agus cosnaidhean eile anns na coimhearsnachdan nach biodh ann gun an UHI.
Fhuair an luchd-rannsachaidh cuideachd airson gach £1 de dh'airgead poblach a tha ga chosg air an oilthigh, gu bheil e a' cur £4 air ais dhan eaconomaidh aig tuath.
Àrdachadh
Dh'innis iad gu bheil buaidh eaconomach an UHI suas eadar 20% agus 25% bho rinneadh an sgrùdadh mu dheireadh ann 2010.
Tha an aithisg cuideachd air àireamhan a thoirt seachad airson na diofar cholaistean ann an lìonra an UHI.
Tha Colaiste a' Chaisteil a' cur £24m ris an eaconomaidh agus a' cumail taic ri 230 cosnadh air feadh nan Eilean Siar.
Bidh Sabhal Mòr Ostaig a' cur £7m ris an an eaconomaidh is taic ga cumail ri 140 cosnadh.
Am measg nan àiteachan eile san lìonra, tha Colaiste Inbhir Nis a' cumail suas 1,000 cosnadh ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd agus a' cur £113m ris an eaconomaidh gach bliadhna.
Air feadh Alba gu lèir ann an 2019, chuir an UHI £653m ris an eaconomaidh.