Tubaist air an A82
- Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist rathaid ann an Loch Abar oidhche Luain.
Thachair an tubaist eadar dà chàr air an A82 faisg air Drochaid an Aonachain mu 5.30f.
Bhuail na càraichean na chèile aig Sròn na Bà dìreach tuath air carragh-chuimhne nan Commando san sgìre.
Chaidh an rathad a dhùnadh fhad 's a bha Poileas Alba a' rannsachadh.
Chan eil an còrr fiosrachaidh ann mu shuidheachadh an duine aig an ìre seo.