Co-chomhairleachadh cheann-rathaid a' tighinn gu crìch
Thig co-chomhairleachadh phoblach air dè bu chòir a dhèanamh mu cheann-rathaid Pholl-Lochaidh san Eilean Dubh gu crìch an t-seachdain seo.
Tha grunn thubaistean air a bhith aig a' cheann-rathaid ris an A9, le fireannach ògm air a bheatha a chall na bu thraithe am-bliadhna.
Chaidh a' chomh-chomhairleachadh a stèidheachadh sa Mhairt le Ball-pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis agus tha e corr is 2000 neach air beachdan a chur air adhairt.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.