Òigridh gam brosnachadh an guthan a thogail

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a' sireadh bheachdan dhaoine òga air mar a ghabhas barrachd Gàidhlig cleachdadh aig ìre coimhearsnachd.

Bidh prìomh bhuidheann leasachadh a' chànain a' ruith shurbhaidhean air-loidhne ag iarraidh am beachdan agus smuaintean airson Gàidhlig a bhrosnachadh far a bheil iad a' fuireach.

Bidh dà shurbhaidh ann, fear do chloinn ann an clas 5 agus 7 sa bhun-sgoil agus fear do sgoilearan àrd-sgoile.

Bidh e a' ruith suas gu 15mh den t-Samhain agus thèid am fiosrachadh a chleachdadh le trì buidhnean fòcais aig BnG ann an co-bhanntachd le Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus YoungScot, am measg eile.

Bidh cothrom aig an fheadhainn a nì na surbhaidhean a dhol an sàs sna buidhnean fòcais.

Àm cudromach dhan chànan

Thuirt Lucy Hannah, Tosgaire Òg na Gàidhlig 2019-2020: "Feumaidh Gàidheil òga uallach a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig maireannach.

"Seo cothrom fìor mhath dhaibh bho Bhòrd na Gàidhlig am beachdan a chur an cèill agus an cànan againn a neartachadh.

"Mar sin, tha e eagalach fhèin cudromach gum bi daoine òga a' gabhail pàirt san iomairt seo," mhìnich Lucy.

Tha Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Nic'illInnein, a' brosnachadh nas 's urrainn do dhaoine òga air feadh Alba am beachdan a thoirt seachad.

"Dh'fhaodhadh daoine òga a bhith gu math adhartach agus tha sinn a' faicinn seo mar chothrom fìor mhath dhaibh diofar a dhèanamh agus stiùireadh a thoirt air mar a ghabhas an cànan slighe ùr.

"Bidh am fiosrachadh a gheibh sinn bho na surbhaidean agus na buidhean fòcais a' dèanamh cinnteach gum bi sinn a' coinneachadh ri rùintean agus feumalachdan luchd-labhairt òg.

"Tha sinn aig àm cudromach dhan Ghàidhlig agus, fhad 's a tha sin a' deasachadh an ath Phlana Cànain Nàiseanta, tha e riatanach gun gabh sin na ceumanan ceart airson agus gum bi a' Ghàidhlig buan airson nan ginealaichean ri thighinn," thuirt i.