Naidheachdan 11:00m
Thàinig siostam còig-ire 'son riaghailtean a' choròna-bhìorais gu bith ann an Alba an-diugh. Chan eil sgìre idir aig a' cheathramh ìre as fhaisge air lockdown. Tha meadhan na h-Alba, a tha a' toirt a-staigh Glaschu, Dùn Èideann agus Dùn Dè, san treas ìre. Tha a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan Siar, Moireibh agus Arcaibh 's Sealtainn anns an dàrna ìre as lugha, Ìre 1.
Tha e air tighinn air a' chloinn as sine agus na tidsearan ann an sgoiltean sa mhòr-chuid de dh'Alba còmdhach aodainn a bhith orra fo na riaghailtean ùra sin. Tha sin do dh'fheadainn sa cheathramh, an còigeamh agus an t-siathamh bliadhna san àrd-sgoil anns na sgìrean a tha san treas ìre. Tha na h-àrd-sgoiltean ann an Dùn Dè, a tha san treas ìre, ag iarraidh cuideachd air clann eadar a' chiad bhliadhna agus an treas bliadhna mascaichean a chleachdadh. Thuirt an t-aonadh thidsearan as motha, an EIS, gu bheil iad a' cur an taic ris an atharrachadh ach gum b' fheàrr leotha clasaichean nas lugha mar dhòigh air astarachadh sòisealta a dhèanamh nas fhasa.
Tha cudrom air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sgeama fòrlaidh a leudachadh do dh'Alba nam biodh feum air an leithid fhathast. Bidh airgead fòrlaidh ann air feadh na Rìoghachd Aonaichte fhad 's a bhios Sasainn ann an lockdown nàiseanta airson mìos, ach tha e coltach nach bì sgeama fòrlaidh ann do dh' Alba ma thèid lockdown nàiseanta a dhèanamh an seo a-rithist.
Iarraidh Boris Johnson air buill-phàrlmaid taic a chur ris a' phlana airson an dàrna lockdown nàiseanta ann an Sasainn nuair a bhruidhneas e ri Taigh nan Cumantan an-diugh. Tha dùil gun can am Prìomhaire nach mair an glasadh sin ach airson mìos, ged a thuirt ministear ann an Oifis a' Chaibineit, Mìcheal Gove, gum faodadh e a bhith nas fhaide na sin. Tha na h-uimhir de na buill Thòraidheach a' maoigheadh gum bhòt iad an aghaidh plana a' Phrìomhaire.
Chaill 12 daoine an cosnadh aig muilinn-chlò Shiaboist an Leòdhas le buaidh suidheachadh a' choròna-bhìorais. Thuirt cathraiche Clò Innse Gall, Brian MacUilleim, nach eil roghainn aca le cron eaconomaiceach a' choròna-bhìorais agus cho doirbh 's a bhiodh e cumail ri riaghailtean astarachaidh nan tilleadh an luchd-obrach uile bho fòrladh.
Chaill an cleasaiche Johnny Depp ann an cùis-lagha an aghaidh a' phaipeir-naidheachd, an Sun. Bha esan a' cumail a-mach gun do rinn an Sun dìmeas air nuair a thuirt iad ann an 2018 gum biodh e a' toirt ionnsaigh air a' bhean a bha aige, Amber Heard. Bha Mgr Depp a' dol às àicheadh sin ach thuirt an Àrd-Chùirt ann an Lunnainn an-diugh gur e an fhìrinn a bha anns a' mhòr-chuid de na sgrìobh am pàipear.