Soitheach a bha a' drioftadh sa Chuan Sgìth air a dhol fodha
- Air fhoillseachadh

Chaidh am bàta fodha faisg air na h-Eileanan Mòra
Tha soitheach bho thuathanas-èisg a bha a' drioftadh sa Chuan Sgìth airson dà là air a dhol fodha deas air na h-Eileanan Mòra.
Bha an MV Tiffany of Melfort ceangailte ri tuanathas-bhreac ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach nuair a bhris na ropan a bha ga ceangal madainn Disathairne ann an sìde gharbh.
Cha robh duine air bòrd agus cha robh solais laiste oirre.
Aig 19 meatair de dh'fhaid bha i na cunnart do shoithichean eile a bha a' seòladh.
Chuir Buidheann nam Maor-Cladaich fios air soithichean san sgìre agus bha iad a' craoladh rabhaidhean an ìre mhath tric air sianalan VHF agus ag iarraidh air sgiobairean innse dhaibh nam faiceadh duine i.
Chaidh a dhearbhadh Diluain gun deach lorg fhaighinn oirre agus i air a dhol fodha deas air na h-Eileanan Mòra, mu chòig mìle far chosta Leòdhais.
Thuirt Sgioba nam Maor-Cladaich gun deach itealan a chur chun na sgìre feuch dè seòrsa staid anns a bheil an soitheach.