Dùil ri soilleireachadh mu BiFab
- Air fhoillseachadh

Tha dùil ri soilleireachadh Dimàirt bho Riaghaltas na h-Alba air an t-seasamh aca a thaobh BiFab, a' chompanaidh a bha ri obair togail aig gàrraidhean ann an Leòdhas agus Fìobha.
Tha seo a' tighinn agus luchd-comhairleachaidh àrainneachail an Riaghaltais fhèin air càineadh a dhèanamh air an dòigh anns an do làimhsich ministearan na gàrraidhean.
Thug an Just Transition Commission rabhadh seachad gu bheil aig ministearan ri barrachd a dhèanamh gus obraichean ann an àiteachan leithid Ghàrradh Àranais agus gàrraidhean Burntisland agus Methil ann am Fìobha a dhìon - ma 's e eaconamaidh nas uaine a bhios iad ag iarraidh air a' cheann thall.
Tharraing Riaghaltas na h-Alba air ais an t-iasad luach £30m bhon chompanaidh BiFab, ag ràdh gum biodh iad air riaghailtean subsadaidh a bhriseadh, nan toireadh iad dhaibh e.
Buannachdan
Ann an litir gu ministearan, thuirt an t-Oll. Jim Skea bhon choimisean, às aonais taice, neo taic-airgid sam bith, gun deadh cosnaidhean agus soirbheachas eaconamach thall-thairis a chall.
Thug e rabhadh seachad cuideachd gu bheil taic sam bith bhon phoball a th' airson eaconamaidh nas uaine fhaicinn, a' crochadh air buannachdan a thig a dh'Alba co-cheangailte ri subsadaidhean aig tuathanasan-gaoithe.
Tha seo a' tighinn beagan làithean às dèidh don t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, iarraidh air Riaghaltas na h-Alba obrachadh còmhla ri ministearan na Rìoghachd Aonaichte gus dèanamh cinnteach gum bi BiFab buan - às dèidh mar a chaill iad grunn chùmhnantan obrach 'son tuathan-gaoithe mara far chosta na h-Alba agus iad air a dhol gu companaidhean thall-thairis.