Rannsachadh mu thubaist am Barraigh
- Air fhoillseachadh
Tha Poileas Alba a' rannsachadh tubaist-rathaid anns an robh BP nan Eilean Siar Aonghas Briannan MacNèill agus deugaire air motor-baidhseagal an sàs.
A rèir aithris, thachair an tubaist beagan às dèidh 7:00f Dihaoine air taobh a-muigh Sgoil Bhàgh a Chaisteil, ann am Barraigh.
Chaidh an deugaire, a tha 17, a thoirt dhan ospadal 's e air a ghoirteachadh mu chois.
Thathar a' tuigsinn gun do bhruidhinn Mgr MacNèill ris na poilis, agus nach deach a chur fo chasaid.