Naidheachdan 11:00m

An Taigh Geal

Tha Taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte gu math mì-chinnteach agus gun mòran eadar Dòmhnall Trump agus Joe Biden sna beagan stàitean sa bheil iad fhathast a' cunntas nam bhòtaichean. Tha na milleanan bhòtaichean puist rin cunntadh gu h-àraid anns na stàitean cudromach mar Pennsylvania, Wisconsin agus Michigan. Tha Mgr Trump - a rinn nas fheàrr na bha na cunntais-bheachd a' sùileachadh - ag ràdh gu bheil esan air soirbheachadh, 's e a' maoidheadh a dhol gu lagh 's e a' fàgail air na Deamocrataich gu bheil iad a' dèanamh foill air muinntir Aimeireaga. Thuirt na Deamocrataich nach eil fianais sam bith ann air foill anns a' bhòtadh, agus gu bheil an luchd-lagha acasan a' feitheamh a dh'fhaicinn dè nì Mgr Trump.

Sasainn

Tha bhòt ann an Taigh nan Cumantan feasgar air plana Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson lockdown fad mìos ann an Sasainn. Ma thèid gabhail ris tòisichidh sin aig meadhan-oidhche a-nochd. Tha dùil gun gabh na Cumantan ris le taic nan Làbarach, ged a tha cuid de na buill Thòraidheach ag ràdh gum bhòt iad na aghaidh.

Nicola Sturgeon

Thug Prìomh Mhinistear na h-Alba fianais do Chomataidh Chovid-19 ann an Holyrood. Chaidh Nicola Sturgeon a cheasnachadh mu na riaghailtean a tha a' cuairteachadh siostaim ùir còig ìrean airson smachd a chur air a' bhìoras an Alba. Chaidh faighneachd dhi a bheil an siostam ùr nas soilleire na na riaghailtean a bh' ann. Thuirt Ms Sturgeon nach urrainn an dòigh sa bheil an Riaghaltas aice a' dèiligeadh ris a' bhìoras a bhith stèidhichte air riaghailtean cruaidh anns nach eil sùbailteachd.

CalMac

Tha an t-aonadh a tha a' riochdachadh luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn ag ràdh gum faodadh iad stailc a ghairm 's iad mì-thoilichte mun àrdachadh phàighidh air a bheil a' chompanaidh aiseig a' bruidhinn. Tha an TSSA ag ràdh gu bheil an luchd-obrach a' diùltadh an àrdachaidh 0.5% a tha CalMac a' tabhann orra.