Taic do chompanaidh bhataraidhan an Gallaibh
- Air fhoillseachadh

Fhuair companaidh bhataraidhean ann an Gallaibh còrr air £500,000 de mhaoineachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Cleachdaidh AMTE Power, a b' àbhaist a bhith fon ainm AGM Batteries Eta, a tha stèidhichte an Inbhir Theòrsa, an t-airgead gus barrachd bhataraidhean sònraichte airson charbadan dealain a dhèanamh.
Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gun toir e togail mòr do ghnìomhahas nam bataraidhean airson charbadan dealain an Alba, gus cur ris na targaidean aca a thaobh truailleadh chàrboin a ghearradh.