Rabhadh trafaig bho SSE

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe

Thàinig rabhadh bhon chompanaidh SSE gur dòcha gun tèid dàil a chur air trafaig air an A9 ann an Cataibh anns na seachdainean a tha romhainn, agus uidheamachd airson tuathan-gaoithe gan giùlan air an rathad.

Thuirt iad gun tèid deuchainn a dhèanamh Diciadain mus tòisich iad a' gluasad nam pìosan fhèin ro dheireadh na mìos.

Fhuair SSE cead ann an 2017 airson leudachadh a thoirt air tuath-gaoithe a th' aca aig a' Bhealaidh - no Gordonbush - faisg air Brùra.

Tha SSE a-nis air innse gum bi iad a' gluasad uidheamachd air an A9 eadar Bàgh an Eige agus a' Bhealaidh anns na seachdainean ri tighinn.

'S e pìosan mòra de thuath-gaoithe a bhios annta, is thàinig rabhadh bho SSE gur dòcha gun tèid dàil a chur air trafaig.

Deuchainn

Nì iad deuchainn Diciadain le taic bho Phoileas Alba bho 10:00 sa mhadainn eadar Bàgh an Eige agus a' Bhealaidh.

Tha dùil aca tòiseachadh air an uidheamachd fhèin a ghluasad ro dheireadh na mìos.

Bidh an uairsin aon chonbhoidh ann gach là eadar Diluain is Disathairne, gu tràth an ath-bhliadhna.

Foighidinn is tuigse

Thug SSE taing ro-làimh do dhraibhearan airson an cuid foighidinn is tuigse.

Thuirt iad gun dèan iad a h-uile dad as urrainn dhaibh gus a' bhuaidh air daoine a chumail cho beag 's a ghabhas.

Thèid fiosrachadh a sgaoileadh air làrach-lìn SSE, taobh a-muigh agus air Twitter, taobh a-muigh.