Sgrùdadh air bàta a chaidh fodha faisg air Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Na h-Eileanan Mòra

Tha daibhearan air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh Dimàirt air soitheach a chaidh fodha faisg air na h-Eileanan Mòra, còig mìle an ear-dheas air Leòdhas.

Bha am bàta fad dà là a' drioftadh sa Chuan Sgìth an dèidh mar a dh' fhalbh a' ghaoth leatha às an Eilean Sgitheanach Disathairne.

Chan eil fhios fhathast an do chaill an soitheach an connadh a bh' air bòrd, ach chan fhaca itealan a chaidh a sgèith os a cionn fianais sam bith de thruailleadh.

Thuirt Buidheann na Mara agus nam Maor-cladaich gu bheil fiosrachadh ga chumail ri Buidheann Àrainneachd na h-Alba mun t-suidheachadh.

Tha iadsan a' coimhead ris a' bhuaidh a dh'fhaodadh connadh bhon bhàta agus oidhirpean a togail às a' mhuir a thoirt air an àrainneachd.