"Gun taigheadas, cha bhi coimhearsnachd ann"

  • Air fhoillseachadh
Taobh a' ChaolaisTùs an deilbh, Jack Walker

Mura bi taighean gu leòr ann airson daoine òga, cha bhi a' choimhearsnachd ann an Uibhist buan, a-rèir aithisg bho Fhòram Ath-thogail Eaconomaich Uibhist.

Tha Uibhist, coltach ri grunn sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, a' fulaing le dìth thaighean do dhaoine òga a tha airson àite a cheannach no fhaighinn air màl.

Ach, a rèir an Fhòraim, bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar aithne shònraichte a thoirt do shuidheachadh Uibhist.

Coimhearsnachd

Thuirt iad gum bu chòir dhan choimhearsnachd a bhith an luib co-dhùnaidhean sam bith a thaobh taigheadais ùr dhan eilean anns an àm ri teachd.

Am-measg molaidhean na h-aithisg tha -

* gum bu chòir do ChNES ath-sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh anns a bheilear a' lorg làraich airson taighean a thogail agus a bhith cinnteach gu bheil cothrom a dhol air adhart le pròiseact mus tèid e air a' liosta.

* A bhith ag obair le Coimisean na Croitearachd agus Riaghaltas na h-Alba airson faighinn seachad air na dùbhlain a tha romhpa ann a bhith faighinn làraich airson taighean aig prìs reusanta a thogail ann an sgìrean croitearachd.

* Ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a thathas a' dèanamh co-dhùnaidhean a thaobh taighean phrìobhaideach a thathas a' togail ann an Uibhist airson a bhith cinnteach gu bheil iad a' dol le Plana Leasachaidh Sgìreil Innse Gall.

Iomairt

Mhol iad cuideachd gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar 's dòcha a dhol còmhla ri comhairlean ionadail eile aig a bheil na h-aon seòrsa duilgheadasan a thaobh a bhith a' faighinn cead airson taighean falamh - gu h-àraidh taighean croite - a ghabhail os làimhe agus a dhèanamh suas tron sgeama Iomairt nan Taighean Falamh.

Le dithis oifigearan croitearachd ùra air am fastadh airson Uibhist is Barraigh, thuirt am Fòram gum bu chòir Coimisean na Croitearachd a phutadh gus am bi iad ag obair air a' cheist a thaobh taighean croite falamh.

Tha an aithisg ag aithneachadh gun toir e, aig a' char is giorra, trì bliadhna bho thoiseach planaidh sam bith airson sgeama taigheadais, gus an tèid na h-iuchraichean a thoirt seachad dhan luchd-còmhnaidh ùra.

Chan eil fuasgladh luath, no furasta, ri fhaighinn air a' chuspair agus le measadh sluaigh a' tomhais thairis air an ath-fhichead bliadhna gur dòcha gum bi Uibhist feumach air eadar 500 agus 600 neach-obrach anns a' choimhearsnachd, bidh cruaidh-fheum air taighean ùra dhaibh.