Seann Rathad an Airm gus dùnadh a-rithist
- Air fhoillseachadh

Dùinidh Seann Rathad an Airm aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal a-rithist aig 6f Diluain.
Chaidh an rathad, a tha ga chur feum nuair a tha A83 fhèin san sgìre dùinte, a dhùnadh Didòmhnaich agus dùil ri uisge trom.
Dh'innis BEAR Scotland gun deach sgrùdadh a dhèanamh nuair a nochd sòlas an là Diluain is gun deach co-dhùnadh an rathad fhosgladh.
Rabhadh
Thuirt iad ge-tà, gu bheil dùil ri tuilleadh uisge eadar meadhan-oidhche Diluain agus feasgar Dicidian.
Mar sin, thèid Seann Rathad an Airm a dhùnadh às ùr aig 6f Diluain is dh'fhaodadh nach fosgail e às ùr gu Diardaoin.
Tha an A83 fhèin aig an Rest and Be Thankful dùinte is obair a' leantainn gus an rathad a dhìon bho mhaoimean-slèibhe.
Gheibhear am fiosrachadh às ùr an seo, taobh a-muigh.