Stòras èiginneach

Chaidh stòras a stèidheachadh a bheir taic do choimhearsnachdan a chaill teachd a-steach bho thuathan-gaoithe nuair a bhris an càball dealain eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach.

Chuir SSE, leis a bheil an càball, £300,000 ann an stòras a bhios Comhairle nan Eilean Siar a' ruith 'son taic a chumail ri buidhnean coimhearsnachd a bhios mar as trice a' faighinn taice bho sgeamaichean ath-nuadhachail.

Cuiridh a' Chomhairle fhèin £175,000 ris an stòras.

Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri Stiùiriche Choimhearsnachdan na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair.