Naidheachdan 11:00m

Ìre 4

Thig fios an-diugh fhathast bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba an tèid sgìrean de thaobh siar na h-Alba a chur anns na riaghailtean Chovid as àirde, Ìre 4. Thuirt Nicola Sturgeon ron seo gu bheil am bhìoras fhathast cho lìonmhor ann an sgìrean air taobh siar agus ann am meadhan na h-Alba a th' ann an Ìre 3 an-dràsta, agus nach bi faochadh ann dhaibh ron Nollaig mura tachair rudeigin an-dràsta.

Fèin-Riaghladh

Tha Boris Johnson a' faighinn a chàineadh bho an dà chuid an SNP agus na Làbaraich an dèidh aithris gun tuirt e gur e "sgrios" a bh' ann am fèin-riaghladh do dh'Alba. Thathas ag ràdh cuideachd gun tuirt am Prìomhaire gur e tiomnadh chumhachd a' mhearachd a bu mhotha a rinn Tony Blair. Thuirt Ceannard nan Tòraidhean Albannach, Dùghlas Ros, nach e fèin-riaghladh an trioblaid, ach cho beò-ghlaicte 's a tha an SNP le referendum eile air neo-eisimeileachd.

Taghaidhean Holyrood

Chaidh reachdas fhoillseachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba airson taghaidhean Holyrood an ath-bhliadhna a leigeil air adhart gu sàbhailte ann am pandemic. Tha dùil ris an taghadh air an t-6mh là den Chèitean, ach bheir am bile cead am bhòtadh a leudachadh gu barrachd air aon là, gus an gabh astarachadh sòisealta dèanamh aig na h-ionadan bhòtaidh. Agus bhiodh barrachd ùine airson bhòtadh tron phost agus na bhòtaichean sin a chunntas.

Slàinte-inntinn

Thàinig rabhadh bho Cholaiste Rìoghail nan Dotairean Inntinn gu bheil Alba an teis-mheadhan na h-èiginn as miosa riamh le slàinte-inntinn agus gu bheil beatha dhaoine ann an cunnart leis nach eil na seirbheisean slàinte air chomas dèiligeadh ris. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do chuir iad còrr is £6m ri seirbheisean slàinte-inntinn bho thòisich am pandemic.

Stòras Èiginn

Chaidh stòras a stèidheachadh a bheir taic do choimhearsnachdan a chaill teachd-a-steach bho na muilnean-gaoithe aca nuair a bhris an càball dealain eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach bho chionn ghoirid. Chuir SSE, leis a bheil an càball, £300,000 ann an stòras a bhios Comhairle nan Eilean Siar a' ruith gus taic a chumail ris na buidhnean sin agus carthannasan a tha a' faighinn taic bhuapa. Cuiridh a' Chomhairle fhèin £175,000 ris an stòras.

Leaghadair a' Ghearasdain

Tha dòchas ann air uimhir ri 70 cosnadh ùr aig leaghadair aluminium a' Ghearasdain. Tha a' chompanaidh dham buin an fhactaraidh a' cur cha mhòr £100m eile an sàs ann. Bha iad a' cur romhpa an toiseach cuibhlichean alloidh a dhèanamh, ach le buaidh Brexit agus am pandemic tha iad a' tionndadh a-niste gu ath-chuairteachadh seann iarainn agus stàlainn.