Planaichean ùra 'son leaghadair a' Ghearasdain

Tha dòchas ann gun tèid suas ri 70 cosnadh a chruthachadh aig leaghadair aluminium a' Ghearasdain.

Tha a' chompanaidh aig a bheil an fhactaraidh a' dol a chosg cha mhòr ceud millean not aig an làraich.

Bha iad air a chuir romhpa cuibhlichean alloy a dhèanamh - ach, air sgath an dà chuid suidheachadh a' choròna-bhìorais agus a' bhuaidh a bhios aig Brexit, tha iad air tionndadh a-nis gu bhith ag ath-chuairteachadh seann iarann agus stàlainn.

Seo Andreas Wolff.