Ionnsachadh mu Mhiùghalaigh
Tha clann ann am Barraigh air a bhith ag ionnsachadh mun t-seòrsa dòigh-beatha a bh' aig muinntir Mhiùghalaigh bho chionn fhada - gu seachd àraid ann an co-cheangal ris an àrainneachd.
'S e glè bheag de chron a bhiodh iad a' dèanamh air an àrainneachd an uair sin an taca ris an latha an-diugh.
Rinn an fheadhainn òga fiolm mu na dh'ionnsaich iad - mar a tha Shona NicDhòmhnaill a-nis ag aithris.